Prionnsapal agus Iar-Sheansalair
Vicki Nairn
Is e stiùiriche gnìomha le mòran eòlais a th’ ann an Vicki, a tha air a bhith ag obair fada is farsaing tarsainn na roinnean poblach is prìobhaideach ann an ceann a tuath na h-Alba airson còrr air 20 bliadhna.
Thàinig i gu UHI mar Iar-Phrionnsapal Obrachaidhean bho Oilthigh Robert Gordon, far an robh dreuchd aice mar Iar-Phrionnspal Obrachaidhean Corporra, a’ stiùireadh leasachadh is lìbhrigeadh agus buileachadh air ro-innleachdan corporra, ionmhasail, coimearsalta agus goireasan.
Taobh ri taobh le a dreuchdan stiùiridh, tha Vicki air a bhith ag obair mar chomhairliche do Riaghaltas na h-Alba mu phrìomh chùisean dùthchail is iomallach, a thuilleadh air dreuchdan neo-eisimeileach agus ministearach air àireamh de bhùird na roinne poblaich agus foghlaim àrd-ìre nàiseanta, leithid Sgoil Ealain Alba, UHI agus o chionn ghoirid Foghlam Nàiseanta NHS airson Alba. Tha Vicki na Ball Cairte de dh’Institiùd Cairte Ceannach agus Solair, a’ sònrachadh ann an com-pàirteachasan ro-innleachdail.
Mar cheumnaiche bho Oilthigh Swansea, tha Vicki air a bhith ag obair gu mòr tarsainn na roinnean poblach is prìobhaideach, a’ gabhail a-steach obair ann an dreuchdan com-pàirteachais cruinneil, coimearsalta agus ùr-ghnàthach dha BP agus Siostaman BAE, còmhla ri bhith na ball stèidhidh de thus-iomairt ùr-ghnàthachais a dh’fhàs bho £0-50m thairis air còig bliadhna.
A bharrachd air tùs-iomairtean BP agus siostaman BAE, bha Vicki ag obair fad 15 bliadhna air feadh na roinne poblaich ag amalachadh sheirbheisean agus chom-pàirteachasan tarsainn an NHS, an riaghaltas nàiseanta is ionadail, an treas roinn, an roinn phrìobhaideach, agus buidhnean iomairt. O chionn ghoirid, bha seo a’ gabhail a-steach 11 bliadhna de cheannardas gnìomha aig Comhairle na Gàidhealtachd, a’ stiùireadh prìomh sheirbheisean corporra, cruth-atharrachadh, stiùireadh atharrachadh, leasachadh eaconamach agus com-pàirt coimhearsnachd. Tron àm seo, bha Vicki ag obair cuideachd mar chomhairliche do Riaghaltas na h-Alba air com-pàirt didseatach agus leasachadh eaconamach is iomallach, a’ lìbhrigeadh prìomh phrògraman cruth-atharrachaidh air feadh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean.
Ann an 2016, chaidh Vicki fhastadh mar Iar-Phrionnsapal Obrachaidhean Corporra aig Oilthigh Robert Gordon (RGU) ann an Obar Dheathain. Mar bhall den sgioba ceannardais gnìomha, bha Vicki a’ cur taic ri gluasad RGU gu ath-shlànachadh ionmhasail agus seasmhachd, còmhla ri prògraman atharrachaidh is cruth-atharrachaidh tarsainn na raointean uile, gus amasan ro-innleachdail RGU a lìbhrigeadh. Rè an ama seo, chaidh Vicki fhastadh mar Àrd-Oifigear de bhunachas RGU, a’ lìbhrigeadh air adhartachadh, leasachadh agus gràdh-daonna.
Fiosrachadh bho:
Taigh UHI
Seann Rathad Pheairt
Inbhir Nis
IV2 3JH