Prìomh luachan
Co-obrachadh
Tha sinn a’ cur luach air daoine ag obair gu deònach agus gu gnìomhach còmhla air obraichean coitcheann oir tha sinn a’ strì ri bhith nar buidheann nas co-cheangailte.
Fosgarrachd
Tha sinn a’ cur luach air àrainneachd far a bheil co-obraichean agus oileanaich a’ co-roinn bheachdan agus a’ conaltradh gu soilleir.
Tha sinn ag amas air a bhith so-ruigsinneach agus a’ misneachadh chàich gu com-pàirt a ghabhail agus bruidhinn a-mach, agus tha sinn a’ dèanamh cinnteach gum bi càch a’ faireachdainn gu bheil an tabhartas aca luachmhor.
Spèis
Tha sinn a’ cur luach air co-obraichean san àite-obrach, than sinn mothachail do chomasachdan, beachdan agus cùl-eòlais chàch a chèile, agus mothachail do ar buaidh air feadhainn eile.
Sàr-mhathas
Tha sinn a’ cur luach air faireachdainn de dh’adhbhar brìgheil nar n-obair le bhith a’ gabhail uallach do ar gnìomhadh agus ar giùlain, agus tha sinn le chèile a’ comharrachadh ar soirbheachais agus coileanaidhean ar n-oileanach is cheumnaichean.