Riaghladh
Is e companaidh a tha cuibhrichte le barantas a th’ ann an Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean, air a riaghladh ann an co-rèir ri artaigilean companaidh.
A’ Chùirt
Is e a’ Chùirt buidheann riaghlaidh an oilthighe. Tha an t-uallach iomlan air a’ chùirt a thaobh slighe ro-innleachdail is riaghlaidh an oilthighe. Aig ìre obrachaidh, bidh a’ chùirt a’ tiomnadh mòran de a gnìomhan obrachaidh don chomhairle com-pàirteachais, comhairle acadaimigeach agus comataidhean.
Comhairle Acadaimigeach
Is i a’ Chomhairle acadaimigeach an t-ùghdarras acdaimigeach as àirde san oilthigh airson foghlam àrd-ìre. Bidh cuid de na dleastanasan mionaideach gan tiomnadh do dh’àireamh de chomataidhean.
Bun-stèidh
Tha Bun-stèidh a’ solarachadh ceangal eadar an t-oilthigh agus a choimhearsnachdan agus a’ gnìomhadh mar ghlèidheadair an rùin.
Poileasaidhean agus laghail
Tha àireamh de phoileasaidhean agus riaghailtean a tha a’ toirt buaidh air luchd-obrach, oileanaich agus a’ choimhearsnachd fharsaing.
Neach-fiosrachaidh: Roger Sendall, Stiùiriche Riaghladh Corporra is Stiiùireadh Chlàran.