Seansalair
Is i HRH A’ Bhana-Phrionnsa Rìoghail ciad Sheansalair Oilthigh na Gàidhealtachd ’s nan Eilean.
Is e an Seansalair ceannard tiotalach an oilthighe. Ghabh A’ Bhana-Phrionnsa Rìoghail an dreuchd san t-Samhain 2011, agus chuireadh i gu foirmeil san dreuchd aig seirbheis a chumadh ann an Àrd-Eaglais Inbhir Nis san Ògmhios 2012. Tha an dreuchd an dà chuid deas-ghnàthach agus tosgaireach, leis a’ Bhana-Phrionnsa Rìoghail a’ riochdachadh an oilthighe san RA agus thall-thairis.
Gearradh-airm
Ghabh an Seansalair againn ris na litrichean peutant às leth an oilthighe bhon Mhorair Lyon, Rìgh nan Arm, a’ buileachadh sròlan armanach (Gearradh-Arm) aig tachartas a stèidheachaidh san Ogmhios 2012.
Tha am measgachadh de chumaidhean is dhathan sa ghearradh-airm cudromach. Tha an gearradh-arm againn a’ taisbeanadh 13 duilleagan calltainn a’ riochdachadh ar com-pàirteachais, ròs combaist le fleur de lys gus “tuath” a nochdadh, a’ mìneachadh ar suidheachaidh a tha sònraichte agus cruinn-eòlasach, agus dà leabhar fosgailte a’ riochdachadh ionnsachadh.
Bidh an Seansalair a’ faotainn nan Litrichean Peutant bhon Mhorair Lyon.