Tha UHI a’ coileanadh prìomh dhreuchd ann am pròiseact ùr san EU gus taic a thoirt do mhion-chànanan na h-Eòrpa

Tha Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean (UHI) na chom-pàirtiche ann am FOSTERLANG (Fostering Linguistic Capital: A Roadmap for Reversing the Diversity Crisis and Activating Societal Benefits in Europe), pròiseact mòr ùr san Roinn Eòrpa le buidseat de €3 millean, a chaidh a chur air bhonn air 1 Cèitean 2025 gus cànanan beaga agus cànanan ann an cunnart san Roinn Eòrpa a dhìon agus adhartachadh.

see full size image
Conchúr Ó Giollagáin, Stiùiriche, Institiud Rannsachaidh Cànain. Còir-lethbhreac: Tim Winterburn/UHI

Air a mhaoineachadh leis a’ Choimisean Eòrpach fon phrògram Horizon Europe, tha FOSTERLANG ag amas air atharrachadh a thoirt air mar a thathar ag aithneachadh, a’ luachadh agus a’ neartachadh calpa cànanach is daonna luchd-labhairt mhion-chànanan agus chànanan in-imrichean, airson buannachd nan coimhearsnachdan aca fhèin agus na Roinn Eòrpa air fad.

Tha 14 com-pàirtichean acadaimigeach, UHI nam measg, agus 48 coimhearsnachd chànain an sàs sa phròiseact. Tha iad a’ toirt leotha eòlas farsaing ann an cànanachas dlùth-cheangailte ri coimhearsnachdan, cànanachas dì-cholonach, poileasaidh is planadh cànain, ath-bheòthachadh chànanan, daonn-eòlas sòisealta, foghlam ioma-chànanach agus ùr-ghnàthachadh teicneòlach.

Tha UHI a’ toirt sealladh sònraichte dhan phròiseact, stèidhichte ann an roinn le beairteas cultarach is eugsamhlachd chànanach, a bharrachd air eòlas ann an sòiseo-chànanachas, ath-bheòthachadh na Gàidhlig, foghlam ioma-chànanach agus rannsachadh stèidhichte sa choimhearsnachd.

Thuirt an t-Àrd-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin, Stiùiriche Institiud Rannsachaidh Cànain UHI:

“Tha ar com-pàirteachas ann am FOSTERLANG a’ nochdadh dealas fad-ùineach UHI airson beairteas cànanach ar coimhearsnachdan a ghleidheadh is adhartachadh. Tha am pròiseact seo a’ toirt cothrom dhuinn cur gu susbainteach ri oidhirpean nas fharsainge san Roinn Eòrpa gus taic a thoirt do chànanan beaga is ann an cunnart.”

’S e Mapa Rathaid Calpa Cànanach a bhios mar phrìomh thoradh aig a’ phròiseact trì-bliadhna, le molaidhean cudromach airson ro-innleachdan geàrr-ùine, meadhan-ùine agus fad-ùine gus calpa cànanach na Roinn Eòrpa a bhrosnachadh agus cànanan beaga a dhìon.

Am measg nan 13 com-pàirtichean eile tha prìomh chom-pàirtiche Oilthigh Warsaw, a bharrachd air an European Language Equality Network, Linguapax International, Uniwersytet im. Adama Mickiewicza w Poznaniu, Stowarzyszenie Wilamowianie, Stowarzyszenie Ruska Bursa, Naja Szkola, Max Planck Institute for Psycholinguistics, Universidad del País Vasco / Euskal Herriko Unibertsitatea, Universitetet i Oslo, Dublin City University, University of Wales Trinity Saint David, agus Pädagogische Hochschule Kärnten.